Member Since: 11/30/2005
Band Website: Seo e!
Band Members: Ruairidh - Guth / Oigridh - Beus / Cameron Tongs - Drumaichean / Olssen - Giotà r.Tha sinn uile an-sàs ann an iomadh pròiseict eile a bharrachd air Oi Polloi. B' à bhaist do dh'Olssen a bhith a' cluich anns na Newtown Grunts agus ann am Firestone agus tha e a-nis a'cluich ann am Moniack agus The Pressmen còmhla ri Austin Lucas. B' à bhaist do Cham a bhith ann am Badgewearer còmhla ri Olssen agus cuideachd anns na Sativa Drummers. Tha e a-nis a' cluich ann an còmhlan Cajun air a bheil Les Miserables (còmhla ri Brian "Red" Tipa bho Divide and Conquer) agus ann an Eastern Bloc. B' à bhaist do Ruairidh a bhith anns na Jockney Rejects còmhla ri Murray Xmas (bhon chòmlan ainmeil Aberfeldy! Saoghal beag nach e?) ach tha e a-nis a' seinn ann an Kansalaistottelemattomuus a tha stèidhichte ann an Helsinki.Dhuinne chan eil e uabhasach fhèin cudthromach dè seòrsa coltas a tha air neach ('s e na beachdan nan ceann an rud a tha cunntadh nar beachd-ne) ach ma tha thu airson faicinn co ris a tha sinn coltach dìreach thoir sùil air cuid de na dealbhan beò a chuir sinn suas far a bheil e ag rà dh "view more pics". Nach sinne a tha eireachdail?!..
Influences: 'S iomadh rud a tha a' toirt buaidh oirnne agus air na h-òrain 's faclan a tha sinn a' sgrìobhadh. Air aon là imh tha na deagh dhaoine ris a bheil sinn a' tachairt nuair a tha sinn air turas a' toirt dochais dhuinn gu bheil e comasach dhuinn saoghal nas fheà rr a dhèanamh do na ginealachan a tha gu bhith tighinn as ar dèidh. Tha sinn an-còmhnaidh ag ionnsachadh bho na daoine a tha sinn a' coinneachadh ris thall thairis agus a' faighinn brosnachadh bhuapa - agus tha sinn gu math taingeil airson seo. An uair sin, nuair a tha e a' tighinn dhan spionnadh 's neart a tha a dhìth oirrn airson deagh oidhche air an à rd-urlar, 's e deagh bhiadh "vegan" an rud a tha gar cuideachadh - mmm, chan eil dad nas fheà rr! A bharrachd air an seo, tha sinn uile a' faighinn brosnachadh 's neart bho rudan mar boidheachd na talmhainn 's cumhachd nan tursachan. Seo na rudan a tha math - ach air an là imh eile tha sinn cuideachd a' faighinn brosnachadh gus strì a dhèanamh an agaidh ana-ceartais bho gach rud olc a tha na trustairean mar Rumsfeld, Cheney, Bush, Bliar agus Sharon a dhèanamh. Calpachas, goirt, cogadh, grà in-cinnidh 's grà in-creidimh, bochdainn agus fòirneart de gach seòrsa - fhad's a tha iad ann feumaidh sinn ar guthan (agus ar là mhan) a thogail nan aghaidh.
Sounds Like: Somhairle MacGilleathain agus Iain Lom a' tachairt ri Icons of Filth agus na Cockney Rejects aig upraid air na srà idean aig caismeachd an agaidh cruinneachais! No Antisect agus Sham 69 a' tachairt ri Runrig aig blà r Srà id Cable - no dè mu dheidhinn Flux of Pink Indians a' coinneachadh ri na 4Skins aig cuirm-chiùil Donnaidh Rothach??Sorley MacLean and Iain Lom meets Icons of Filth and the Cockney Rejects at an anti-globalisation riot - or then again Antisect and Sham 69 meets Runrig in Cable Street 1936 - or what about Flux of Pink Indians meets the 4Skins at a Donnie Munro gig??Basically we'd like to think it's a mixture of the power and crowd choruses of some of the early Oi bands combined with the more intelligent lyrics of anarcho-punk - and, these days, with a good sprinkling of our own indigenous Celtic culture thrown in. On the recently released new LP though you'll hear touches of everything from Crass and Discharge to the Rejects, Killing Joke, Hawkwind and Rimsky-Korsakov - agus a h-uile cà il tro mheadhan na Gà idhlig!
Record Label: Various: eg Campary, NNNW, Kamaset Levyt, Problem
Type of Label: Indie