Nad Aislingean profile picture

Nad Aislingean

Tha Gàidhlig aig a h-uile duine anns na speuran...

About Me


Nì sinn òrain nan speuran agus bidh sinn a' cleachdadh a h-uile teicneolas, laghail agus eile, gus na builean troma a thoirt thugaibh. Tha sinn stèidhichte ann an saoghal dealanach eadar an t-Eilean Sgitheanach, San Francisco, an Gearastan, Uibhist a Deas agus Neiptiùn. Cha chaidil Nad Aislingean idir.
Seo J-Roc, aka Boreta, sa phrìomh chòmhlan aige, Glitchmob. Seo na sgilean, a bhalaich:

My Interests

Music:

Member Since: 1/19/2006
Band Website: Seo e!
Band Members: Anna Ròc: Is ise an seinneadair anns a' chòmhlan. Rugadh agus thogadh i ann an Neiptùin ach tha i a' fuireach anns an Eilean Sgitheanach a-nis.
Illiqp't: An ceann Illbientological Research Laboratories ann an San Francisco, thachair e ri Anna nuair a bha i air turas dìomhair agus i a' sireadh nam builean troma airson toirt air ais dhan phlanaid aice.
J-Roc: Cuideachd a' fuireach ann an San Francisco agus e na eòlaiche ann an Rannsachadh Illbientological. Bidh e fhèin agus Illiqp't a' togail nam builean.
Tim Ceartas: Leth duine, leth inneal, rinn Anna ann an sead a h-athair e nuair a bha i òg agus i ag iarraidh càraid. Nis, bidh Tim a sgrìobhadh nan òran agus a' leigeil an t-srutha chruaidh.
Influences: Bha a' ghrian ag èiridh os chionn Iupadair, Anna na cadal anns an oisean air cluasag mhòr leis a' chat, Illiqpt a tionndadh clàir shocair air an t-siostam-fuaim, J-Roc dlùth air beulaibh a choimpiutair, agus Tim air cùlaibh cuibhle na rocaid...
...nuair a bhreab e an luathailtear.
Sounds Like: Glitchmob
Oi Polloi
Slidecamp
Mill a h-Uile Rud
Na Gathan
Atomgevitter
Dannsa
Record Label: Problem? Records
Type of Label: Indie

My Blog

Gaelic Culture for Sale

Tha an aiste seo air a moladh: http://www.aber.ac.uk/mercator/images/LangMcLeo d.pdfTha iad a' beachdachadh air aite na Gaidhlig ann an ceol Gaidhlig agus tha e gle inntinneach agus...
Posted by Nad Aislingean on Tue, 28 Feb 2006 07:03:00 PST

Gaidhlig na Lasair

Tha an CD Gaidhlig na Lasair air a bhogadh a-nis air Problem? Records.  Tha an da oran againn air agus 13 orain eile bho Mhill a h-Uile Rud, Oi Polloi, The Thing Upstairs agus Atomgevitter. ...
Posted by Nad Aislingean on Wed, 23 Aug 2006 06:58:00 PST

Neiptiùn?

Chuir Anna, Nina agus mi fhin crioch air clarachadh oran #3, "Neiptiun?"  Nis, tha e ann an SF, a' faighinn an uilc aig na balaich, J-Roc agus Illiqp't.  Tha e dol a bhith direach cracte.&nb...
Posted by Nad Aislingean on Fri, 19 May 2006 08:38:00 PST

Pòg a-rithist Mi

Uil, rinn sinn an dreach mu dheireadh dhen oran ur againn, Pog a-rithis Mi direach an-diugh. Tha e ana-mhor agus tha muinntir Neiptiun a' rocadh ris mar tha!  Gu pearsanta, tha mi cho t...
Posted by Nad Aislingean on Wed, 15 Mar 2006 10:25:00 PST

RAPAL!!!!!!!!!

Bidh "Lasair san Adhar" air RAPAL a-nochd (Dimàirt, 31mh) toiseachadh aig 9f.  Seo an larach-lin aca agus 's urrainn dhuibh eisteach an sin: http://www.bbc.co.uk/rapal   'S e Niall Iain an d...
Posted by Nad Aislingean on Tue, 31 Jan 2006 04:32:00 PST

oran a dha ?

Uil, bha sinn (Anna agus mi fhin) ag obair air orain a dha chlarachadh  an-de agus tha sinn an duil gun deach e math dha riribh.  Bha na balaich ann an SF sasaichte cuideachd agus bidh iad a...
Posted by Nad Aislingean on Fri, 20 Jan 2006 07:18:00 PST